Plana Gàidhlig
Gaelic Plan
Fiosrachadh mun fhèis
Chaidh Fèis na Linne, a tha ag obair fo sgiath Fèis an Earraich, a steidheachadh ann an 2019 airson cothroman tro mheadhain na Gàidhlig a thoirt do chlann na sgìre. Bidh Fèis na Linne a’ cùr bùithtean-obrach mìosail air tro 2020 le thaghadh farsaing de dh’ ionnsramaidean, seinn is dràma is eile airson com-pàirtichean aois 5-18 bliadhna a dh’ aois.
Conaltradh
- ‘S i a’ Ghàidhlig prìomh chànain-obrach Fèis na Linne
- Thèid a’ Ghàidhlig a chleachdadh a-mhàin ann an conaltradh far a bheil sin comasach. Far nach eil, thèid conaltradh a dhèanamh gu dà-chànanach.
- Bidh a’ Gàidhlig air a chleachdadh aig coinneamhan
- ‘S i a’ Ghàidhlig a gheibh prìomhachas air na Meadhanan Sòisealta is eile
Sanasachd
- Thèid gach pìos sanasachd, clò-bhuailte no didseatach, a dhèanamh sa Ghàidhlig no gu dà-chànanach.
Modhan-obrach
- Bidh luchd-teagaisg is luchd-aire le Gàidhlig air fhastadh airson na Fèise
- Bidh Fèis na Linne a brosnachadh daoine le Gàidhlig a bhith mar phàirt den chomataidh aca, le cothroman trèanaidh, tro Fèisean nan Gàidheal, ri fhaotainn airson sgilean a thoirt air adhart.
- Bidh gach clas Fèis air a lìbhrigeadh tro mheadhan na Gàidhlig
- A bharrachd air na clasaichean àbhaisteach bidh cothroman spòrsail do chom-pàirtichean a bhith a’ cleachdadh agus a neartachadh na sgilean cànain aca tro chur-seachadan tarraingeach, spòrsail.