Pròiseactan

Projects

A bharrachd air na tachartasan mìosail againn, bidh sinn ag obair air pròiseactan sònraichte a tha a’ cur ris na h-amasan againn.

Anns a’ phròiseact Reothart, bidh sinn a’ daingneachadh nan ceanglaichean eadar òigridh na sgìre agus na costaichean agus na h-uisgeachan a tha gan cuairteachadh. Chruinnich Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart fichead òran-mara anns a’ Ghàidhlig, cho math ri briathrachas ionadail agus sean-fhacail, bho thùsan aithriseach, bho chlàraidhean, agus bho bheul-aithris bheò an eilein. Rinn an ceòladair Iseabail Strachan sreath de bhùthan-obrach le clasaichean P1-7 Bun Sgoil Shlèite agus dh’ionnsaich a chlann òrain bhon chruinneachadh.

As well as our monthly events, we undertake specific projects to support our aims.

Through Reothart, we are reconnecting young people with the coasts and waters around them. Twenty Gaelic sea songs were gathered by Dr Dòmhnall Uilleam Stiùbhart, together with associated local vocabulary and proverbs, from documentary sources, field recordings, and living island oral tradition. Local musician Iseabail Strachan ran a series of workshops with P3-7 pupils at Bun Sgoil Shlèite where she taught some of the songs from the collection. We recorded two of the songs.

Chlàr iad dà dhiubh. Mar chrìoch air a’ phròiseact, thèid leabhran beag fhoillseachadh airson na coimhearsnachd agus bidh céilidh againn air 19.3.22.

Reothart’s completion will be marked by a short book for the community and we will showcase some of the songs at a ceilidh on 19th March 2022.

Tachartasan / Upcoming Events

No event found!