Gàidhlig

Gaelic

Tha a’ Ghàidhlig aig cridhe obair Fèis na Linne. Tha sinn a’ toirt chothroman do dh’oigridh tighinn cruinn còmhla gus sgilean ùra ionnsachadh, ceòl a chluich, cluich air beulaibh daoine agus càirdean a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig.

Gaelic is at the heart of Fèis na Linne and all we do. We offer a space where young people can come together to learn new skills, play music, perform, and socialise in a collective way whilst speaking and using Gaelic.

Tha sinn airson gum bruidhinn an òigridh Gàidhlig taobh a-muigh na sgoile, agus na sgilean cànain agus sgilean ciùil aca a leasachadh. Tha sinn airson gum bi iad nam pàirt de choimhearsnachd làidir de dhaoine a tha a’ cleachdadh na Gàidhlig gu làitheil.

Bidh na bùthan-obrach agus na clasaichean againn air an toirt seachad anns a’ Ghàidhlig le oidean a tha air a’ chànan ionnsachadh air neò aig a bheil Gàidhlig bho thùs.

Bidh seiseanan blasad Gàidhlig againn a bheir cothroman ionnsachaidh do dh’oigridh a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig. Bidh bùthan-obrach culturail againn airson phàrantan agus theaghlaichean.

We want young people to use their Gaelic outside school and to develop their musical and linguistic skills as part of an active group of Gaelic speakers, including peers, tutors, and members of the wider community.
All our workshops and classes are delivered in Gaelic by experienced tutors who have learnt or grown up speaking the language.
We also provide Gaelic taster sessions for young people learning the language and run Gaelic classes and cultural workshops for parents and families concurrent with our monthly workshops and masterclasses.